Sgeul Eòghainn
'S ann à Loch Abar a tha an neach-ciùil agus seinneadair Eòghann MacEunraig agus chaidh a bhogadh ann an ceòl agus dualchas na sgìre nuair a bha e glè òg. Thòisich e air an fhìdhill nuair nach robh e ach 6 bliadhna dh'aois agus bhon uair sin tha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar phìobaire, sheinneadair agus cheòladair a chuireadh gleus air iomadh inneal-chiùil. Na òige, fhuair e oideachadh nach gabh tomhas bho chuid de shàr-ghaisgich a' chultair - leithid Aonghas Grannd air an fhìdhill agus Aonghas Mac Cholla air' a phìob - aig a' cheart àm ‘s a bha dualchas làidir a chuideachd fhèin a' toirt buaidh mhaireannach air.
Ged a tha e as tric' an-diugh ri fhaicinn a' cluich agus a' seinn còmhla ri "Mànran" - an còmhlan a' stèidhich e fhèin 's grunn charaidean ann an 2010 - tha Eòghann air cuairtean a dhèanamh air feadh an t-saoghail cuide ri meall chòmhlain eile, leithid ceatharnaich ceòl na h-Alba "Battlefield Band" agus ceòladairean ùr-nòsach "Afro-Celt Sound System".
Bho chionn beagan bhliadhnaichean tha Mac Eunraig air duaisean fhaighinn fad is farsuing, còig duaisean aig na Trads taobh a-staigh còig bliadhnaichean agus Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite nam measg. Tha fèill air a-niste mar sgrìobhaice-ciùil a tha e air ceòl a chruthachadh airson Tbh agus fiolm agus, o chionn ghoirid, tha e air a bhith na stiùiriche-ciùl airson corra chonsairt 's sreath Tbh. Bidh e cuideachd a’ craoladh mar fhear de na preasantairean air na prògraman rèidio “Piping Sounds”, air BBC Radio Scotland, agus “Crunluath” air BBC Radio nan Gàidheal.